Cladach nan Gàidheal

Muirsgian, mùsgan,

Faochag, bàirneach,

Eisir bheòil dhuinn,

Eachan, creachann,

Feusgan, coilleag:

Maorach traghad

A dh’fhaodar ithe

Gun a bhith sgàthach

Tha an rann traidiseanta seo a’ dearbhadh cho cudromach ’s a bha an cladach do na seann Ghàidheil agus cho eòlach ’s a bha iad air. Bha iad ‘cho eòlach air an tràigh ’s a bha am brìdean’! Nach cùm sibh fhèin an t-eòlas sin beò san latha an-diugh!

Bha toradh a’ chladaich – feamainn agus maoraich – uabhasach cudromach aig àm goirt agus dhaibhsan a dh’fhuiling fuadachadh anns an 19mh linn. Ach, eadhon aig amannan neo-èiginneach, gu h-àraidh anns a’ gheamhradh agus as t-earrach, bha biadh a’ chladaich cudromach do ar sinnsirean, mar a tha sinn a’ cuimhneachadh anns an t-seanfhacal San earrach, nuair a bhios a’ chaora caol, bidh am maorach reamhar.

Tha an seanfhacal Is gann an t-earrach anns an cunntar na faochagan a’ comharrachadh maorach cho cudromach ’s a th’ againn, agus mar a tha i pailt as t-earrach. Tha ceann a deas an Eilein Sgitheanaich ainmeil airson pailteas na faochaig agus tha far-ainm Na Faochagan ‘the winkles’ air Clann ’ic Fhionghain a bhuineas don sgìre sin.

Bidh daoine ag ithe na bàirnich cuideachd agus thathar a’ dèanamh dheth gu bheil i nas fheàrr na ’n fhaochag an dèidh Latha Fèill Pàdraig. Thathar a’ moladh na bàirnich ‘limpet’ airson cho làidir ’s a tha grèim a coise air creagan a’ chladaich, agus tha stòiridhean againn à beul-aithris mu bhàirneach a ghlais gob brìdein ris a’ chreig agus a dh’adhbharaich bàthadh an eòin nuair a lìon a’ mhuir.

Tha an fhaochag agus a’ bhàirneach nan aona-mhogalaich ‘univalves’, le dìreach aon slige. Tha am feusgan ‘mussel’, air an làimh eile, na dhà-mhogalach ‘bivalve’, le dà shlige, ged a tha na sligean dùinte, glaiste nuair a thràghas an tìde-mhara, airson an creutair nam broinn a chumail fliuch. Nuair a thathar ag iarraidh air cuideigin a bheul a chumail dùinte agus dìomhaireachd a ghleidheadh, canar biodh do bheul mar bheul an fheusgain ris! ’S e sìoltaichear ‘filter feeder’ a th’ anns an fheusgan a chumas e fhèin air creagan le acraichean sreangach.

Bidh cuid de mhaoraich gan cumail fhèin fliuch is sàbhailte aig ìsle-traghad le bhith a’ cladhach don ghainmhich no làthaich. ’S iad dà eisimpleir dhiubh a’ choilleag (no srùban) ‘cockle’ agus a’ mhuirsgian ‘razor shell’; tha an dàrna tè fada is caol, coltach ri sgian. Tha fosgladh aig gach ceann slige na muirsgein agus tha sin a’ toirt dhuinn na h-abairt feumaidh beul muirsgein a bhith air an sporan a tha a’ comharrachadh suidheachadh far a bheil prìsean cho àrd ’s gu feum an sporan dà fhosgladh a bhith aige! Tha an t-eachan ‘otter shell’ cuideachd ri lorg anns a’ ghainmhich no làthaich.

Chithear sùil (toll beag) sa ghainmhich far a bheil muirsgian air cladhach. Bidh lugaichean ‘lugworms’ a’ dèanamh sùil cuideachd. Ged nach bi daoine ag ithe na luga, tha i math mar bhaoit airson iasgach.

Cùmaibh ur sùilean fosgailte airson partan ‘shore crab’ no partan-tuathal ‘hermit crab’ am measg na feamainn, airson cìochag-thraghad ‘sea anemone’ ann an lòintean agus gille-fionn ‘dogwhelk’ air na creagan. Ma gheibh sibh lorg air crosgag ‘starfish’ bheò, tionndaidhibh i agus chì sibh na casan-tiùbach iongantach aice, a leigeas leatha gluasad agus dà-mhogalaich fhosgladh airson an ithe. Agus thig sligean gu tìr leis an tìde-mhara a tha a’ cur nar cuimhne toradh mòr na mara, leithid slige-chreachainn ‘scallop shell’, crogan-traghad ‘sea urchin’ agus ceanna-phocan ‘sand urchin’.

 

Feamainn 

Bha na seann Ghàidheil, a bha a’ fuireach faisg air a’ chladach, a’ cur feamainn gu feum gu mòr mar bhiadh no todhar no airson leigheas a dhèanamh. Seo rann mu dheidhinn na feadhainn as fheàrr a ghabhas ithe anns gach ràith – cairgean earraich, duileasg samhraidh, gruaigean foghair, stamh geamhraidh.

’S i an fheamainn as àirde a lorgar a’ fàs air a’ chladach, goirid fon tiùrr, an fheamainn chìrean ‘channelled wrack’. Tha an t-alga donn seo iongantach oir faodaidh a bhith beò beagan làithean gun sàl sam bith air, agus ma thèid a bhogadh ro fhada ann an sàl, gheibh e bàs. Bidh na Gàidheil ga bhruich le min-choirce no buntàta airson biathadh do chrodh. Bhiodh muinntir Hiort a’ sailleadh càise le luaithre na feamainn chìrean.

Ann am meadhan na tràigh-fheamainn, tha dà sheòrsa feamainn a tha builgeanach, agus a tha ann am farpais le chèile. Nuair a tha an làn ann, bidh na builgeanan a’ togail nam frondaichean gu faisg air bàrr na mara far am faigh iad solas gu leòr airson foto-co-chur ‘photosynthesis’. Bha an fheamainn bhuilgeanach ‘knotted wrack’ air a cleachdadh o shean airson eisirean a phasgadh nuair a bhathar gan cur a-null thairis, agus bha bannan de phropach ‘bladder wrack’ air an cur gu feum airson na siataig. Tha an dà fheamainn bhuilgeanach air an cleachdadh airson talamh croite a thodhradh. Dìreach fòdhpa air a’ chladach, tha an slaodach ‘serrated wrack’, a tha gun bhuilgeanan. Bidh an tè seo air a gearradh aig ìsle-traghad agus bidh maois dhith air a slaodadh gu tìr le ròp. Nì slaodach todhar math.

Tha stamh ‘tangle, oarweed, cuvie’ cumanta air cuid de chladaichean aig bonn na tràigh-fheamainn, agus bha e uaireigin cudromach gu coimeirsealta ann an gnìomhachas na ceilp. Tha an lus ann an trì pàirtean – an greimeachan ‘holdfast’ a tha ga acrachadh ris a’ ghrunnd, an ‘stamh’ fhèin (an gas) agus am pìos duilleagach gu h-àrd, an liadhag. Bha an liadhag air a cur gu feum air taobh an iar na Gàidhealtachd airson ìm is càise a phasgadh nuair a bhathar gan cur a-null thairis. Cuideachd aig bonn na tràigh-fheamainn tha an cairgein ‘carragheen’ agus duileasg ‘dulse’ a tha le chèile air an ithe fhathast air a’ Ghàidhealtachd. Tha an duileasg math airson bòidhchead, a rèir an t-seanfhacail – Bheir càl-duilisg is càl-deanntaig snuadh air gruaidh mar mhadainn shamhraidh.

Tha dà alga uaine a tha a’ coimhead brèagha air a’ chladach, agus a ghabhas ithe – a’ ghlasag ‘sea lettuce’ agus a’ ghlasag chaolanach ‘gutweed’. Tha slòcan ‘laver, sloke’ car coltach ri glasag ach tha e eadar donn is purpaidh, seach uaine, agus bidh e uaireannan a’ còmhdachadh chreagan ann an sgannan mìn. Tha slòcan math mar bhiadh. Bidh feadhainn ga bhruich agus a’ cur ìm air, ach faodar silidh no bonnaich a dhèanamh dheth.

Tha dà fheamainn dhonn eile a tha gu math mòr ach a chithear a-mhàin aig ìsle-mhara an reothairt no ann am brùchd ‘heaped seaweed cast ashore’ an dèidh stoirm. ’S iad mircean (no gruaigean) ‘badderlocks, dabberlocks’ agus langadal (no ròc) ‘sweet kelp, sugar kelp’. Tha an cnàimh ‘midrib’ ann am mircean gu math milis, mar a tha an duilleach (‘duilleagan’ beaga) os cionn a’ ghreimeachain. Tha langadal gun chnàimh ach tha e cuideachd milis, agus tha am frond air fad so-ithe.

Cùmaibh ur sùilean a-mach airson imleagan, a’ chiad fhàs dhen fheamainn donn, iallan-mara ‘thongweed’. Tha iad coltach ri putanan beaga gleansach suidhichte air clachan, agus tha cuid dhen bheachd gur iad am biadh as blasta a gheibhear air a’ chladach. Ach na buainibh cus dhiubh (no rud sam bith eile). Dèanaibh cinnteach gum bi gu leòr air fhàgail a dh’fhàsas airson na h-ùine romhainn.

Beul-aithris agus an Cladach 

’S iomadh sgeulachd is naidheachd a dh’innsear ann an Gàidhlig mu ghaisgich mhac-meanmnach, creutairean os-nàdarrach agus na dlùth-cheanglaichean eadar daoine is nàdar. Tha feadhainn dhiubh co-cheangailte ris a’ chladach, agus seo beagan eisimpleirean (mar gheàrr-chunntasan):

Eun Brìde

Tha am brìdean (no gille-brìde) ceangailte ann an inntinn nan Gàidheal ri Naomh Brìde a bha uaireigin cudromach mar shamhla de bhaindidheachd Chrìosdail, ged a thathar a’ smaoineachadh gun robh bun-stèidh ro-Chrìosdail aice. Thathar ag innse gun robh Brìde a’ ruith air falbh bho ghràisg de dhaoine olc a bha airson a marbhadh. Bha i leatha fhèin agus ràinig i tràigh far nach robh àite falaich sam bith. Thuig i nach robh dol-às aice. Thug i taing do Dhia airson a beatha agus làigh i air a’ ghainmhich, a’ feitheamh ris a’ bhàs.

Ach bha eòin air a’ chladach – feadhainn dubh is geal, le gob is casan dearga. ’S dòcha gur e ‘pitheid-mhara’ a chanadh na Gàidheil ri a leithid aig an àm. Mus do nochd a’ ghràisg olc air an tràigh, chunnaic na h-eòin Brìde, thuig iad gun robh i ann an cunnart agus tharraing iad feamainn thairis oirre airson a falachadh. Bha a beatha air a sàbhaladh agus bheannaich i an t-eun. Bhon latha sin ’s e Brìd-eun (brìdean) a th’ air a bhith air an eun sin mar ainm. Èistibh ris nuair a tha e air sgèith agus cluinnidh sibh e ag èigheachd, ‘Bi glic, bi glic!’ oir ’s e Gàidhlig a bhruidhneas e!

Faoiteag an Deagh Fhortain:

Tha na faoiteagan ‘cowries’ a lorgar air tràighean na h-Alba gu math beag, ach tha iad brèagha. Thathar ag ràdh, ma chumas sibh tè nur pòcaid gum bi sibh sealbhach. Ma chumas sibh trì dhiubh innte, cha bhi sibh air chall eadhon ann an ceò tiugh nam beann. Ach thoiribh an aire – thathar ag ràdh mu chuid de thràighean, ma bheir sibh slige-fhaoiteig ‘cowrie shell’ air falbh, feumaibh sibh a toirt air ais don dearbh àite bliadhna on latha a thug sibh i – air neo thig droch fhortan nur rathad!

Mar a Fhuair an Lèabag a Cearra-ghob:

Tha stòiridh ann a dh’innseas dhuinn mar a fhuair an lèabag ‘flounder’ a cearra-ghob. Bha Calum Cille a’ grunnachadh latha a bha seo air fadhail nuair a shaltair e air lèabag nach fhac’ e air a’ ghrunnd. Dhochair an naomh earball na lèabaig agus ghoirtich e an t-iasg. Dh’èigh an lèabag, ‘A Chaluim mhòir mhosaich le do chasan croma crosgach, ’s mòr a rinn thu orm de dhosgadh nuair a shaltair thu air m’ earball!’

Ghabh Calum Cille fearg leis gun do thilg an lèabag air gun robh e croma-chasach, agus thuirt e, ‘Ma tha mise croma-chasach, biodh tusa cearra-ghobach!’ Agus dh’fhàg e mar sin i.

Màiri agus an Ròn:

’S iomadh sgeulachd a th’ againn mun ròn agus mar a dh’fhaodas ròin nochdadh ann an cruth daoine. Tha ar cànan làn abairtean mun chreutair sin, leithid bu dual do dh’isean an ròin a dhol chun na mara agus tòn ri tòn, cadal nan ròn (san leabaidh!) Tha samhlaidhean againn cuideachd, leithid cho reamhar ri ròn agus cho sona ri ròn air sgeir.

Anns an stòiridh ‘Màiri agus an Ròn’ tha Màiri a’ fuireach le a pàrantan ann am baile beag iomallach air taobh an iar na Gàidhealtachd. Bidh i a’ falbh ann an eathar gu tric a dh’eilean beag gun sluagh faisg air làimh. Bidh i eadhon a’ dèanamh sin nuair a ruigeas i aois, a rèir a màthar, nuair a bu chòir dhi a bhith a’ coinneachadh ri gillean agus a’ dèanamh rudan ‘àbhaisteach’ airson nighean. Ach tha Màiri solt, onarach, deagh-nàdarrach agus dìcheallach, agus cha bhi i a’ dèanamh dad ceàrr. Cò dh’fhaodadh a bhith crosta leatha?

Tha a màthair a’ mothachadh gu bheil Màiri an-còmhnaidh sunndach sunndach nuair a thilleas i bhon eilean agus tha i dhen bheachd gu bheil a nighean a’ coinneachadh ri fleasgach an sin. Tha i ag iarraidh air an duine aice falbh a-mach don eilean gun fhiosta do Mhàiri airson sùil a thoirt oirre. Tha esan a’ faicinn Màiri a’ danns air tràigh cuide ri cullach-cuain (ròn mòr fireann). Tha nàdar nan ròn innte, gun teagamh.

Tha a màthair dhen bheachd gu bheil Màiri fo gheasaibh aig Rìgh Tìr nan Tonn agus tha i ag iarraidh air an duine aice an ròn a mharbhadh airson gnothaichean a chur ceart. Tha esan ain-deònach ach, aig a’ cheann thall, tha e ag aontachadh. Tha e a’ falbh don eilean nuair nach eil Màiri ann agus tha e a’ losgadh peilear anns an ròn mhòr – a leumas le beuc don chuan.

Air an làrna-mhàireach, tha Màiri a’ dol don eilean a-rithist ach, an turas seo, chan eil i a’ tilleadh dhachaigh. Nuair a tha a h-athair a’ dol ann a choimhead air a son, chan eil e a’ faicinn dad ach na cinn aig dà ròn a tha a’ snàmh còmhla anns a’ bhàgh far am biodh iad uaireigin a’ danns. Tha an cuan domhain glas air Màiri a ghairm do uchd agus cha till i dhachaigh a-chaoidh.

 

A bheil Gàidhlig agaibh agus a bheil ùidh agaibh anns na ceanglaichean eadar an cànan, dualchas agus an àrainneachd. Ma tha, briog an seo: https://acisd.wordpress.com/.

Tha Ruairidh MacIlleathain na craoladair, sgrìobhadair is neach-teagaisg stèidhichte ann an Inbhir Nis. Tha ceanglaichean teaghlaich aige do Chomraich Ma-ruibhe agus a dh’Eilean Leòdhais. Bidh e a’ dèanamh dà phrògram sheachdaineil air BBC Radio nan Gàidheal do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, agus bidh e a’ ruith farsaingeachd de chùrsaichean trèanaidh mun dlùth-chàirdeas eadar a’ Ghàidhlig agus àrainneachd na h-Alba. Bidh Ruairidh a’ dèanamh òraidean thall ’s a-bhos air dualchas na Gàidhealtachd agus bho àm gu àm bidh e ag aithris sgeulachdan à beul-aithris na Gàidhlig – an dà chuid ann an Gàidhlig is Beurla.

A bheil sibh agiarridh Ruaridh's 'Teaghlaichean A' Chladach'? Ma 's e ur toil e post-dealain Janet Bromham 

 

 

Highland Environment Forum

sitemap   |   design & program by plexus media